National Records of Scotland

Preserving the past, Recording the present, Informing the future

Cunntas-sluaigh na h-Alba 2001 - Aithisg Ghàidhlig

Cunntas-sluaigh na h-Alba 2001 - Aithisg Ghàidhlig

Ann an Cunntas-sluaigh 2001, chaidh ceithir ceistean fhaighneachd do dhaoine mun Ghàidhlig – am b’ urrainn dhaibh:

  • Tuigsinn Gàidhlig air a labhairt,
  • Bruidhinn Gàidhlig,
  • Leughadh Gàidhlig,
  • Sgrìobhadh Gàidhlig.

San aithisg seo gheibhear làn sgrùdadh air na ceistean mun Ghàidhlig a  bha ann an Cunntas-sluaigh 2001.  Thathar cuideachd a’ dèanamh coimeas ris na toraidhean a thàinig bho Chunntas-sluaigh 1991.  Ann an mòran de na clàir agus na cairtean san aithisg seo, tha Alba air a roinn ann an sia “ceàrnaidhean Gàidhlig”:

  • Na h-Eileanan Siar
  • An t-Eilean Sgitheanach & Loch Aillse,
  • An Còrr den Ghàidhealtachd (ach a-mhàin An t-Eilean Sgitheanach & Loch Aillse),
  • Earra-Ghàidheal & Bòid,
  • Prìomh Cheàrnaidhean Gàidhlig Eile (eileanan Shiorrachd Àir a Tuath, ceann a tuath Pheairt & Ceann Rois agus roinnean comhairle ceann a tuath Shruighlea).
  • An Còrr de dh’Alba.

Ceann-là Foillseachaidh

10 Dàmhair 2005

Bun Mheadhan 

Leabhran ri fhaotainn bho Sheirbheisean Luchd-dèilig aig prìs £6.00 

Aithisg

Gheibhear cothrom air dreachd den aithisg a thoirt sìos bhon eadar-lìon sna h-earrannan a leanas.

Cunntas

PDF (1.6 Mb)

Clàran 1 gu 32

Excel (2 Mb)       PDF (219 Kb)

Cairtean 1 gu 5

PDF (57 Kb)

Mapaichean 2 & 3 agus Pàipear-taice

PDF (1.8 Mb)

Tha an duilleag seo ri faotainn sa Bheurla cuideachd.

Get Acrobat Reader