National Records of Scotland

Preserving the past, Recording the present, Informing the future

Cunntas-sluaigh na h-Alba 2011: Aithisg na Gàidhlig (Earrann 1)

Cunntas-sluaigh na h-Alba 2011: Aithisg na Gàidhlig (Earrann 1)

Wednesday, 30 Sep 2015
Demography News Release Image

Tha am fiosrachadh staitistigeil a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Clàir Nàiseanta na h-Alba air làrach-lìn a’ Chunntais-Sluaigh a’ mìneachadh gu mionaideach mar a tha a’ Ghàidhlig aig ìrean nàiseanta, sgìrean nan ùghdarrasan ionadail, agus paraistean catharra.

Sgileanan cànain anns a’ Ghàidhlig

  • Ann an 2011, bha sgilean Gàidhlig gu ìre air choireigin aig 87,100 neach aig aois trì no nas sinne ann an Alba (1.7 anns a’ cheud dhen mhòr-shluagh).
  • Às an 87,100 neach sin:
    • bha 32,400 (37 anns a’ cheud) le làn-sgilean, `s e sin gum b’urrainnear Gàidhlig a thuigsinn, bruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh;  
    • bha comas labhairt an Gàidhlig aig 57,600 (66 anns a’ cheud);
    • b’urrainn do 6,100 (seachdnar anns a’ cheud ) leughadh an Gàidhlig agus/no sgrìobhadh gun chomas labhairt; agus 
    • b’urrainn do 23,400 (27 anns a’ cheud) Gàidhlig a thuigsinn ach cha b’urrainn dhaibh Gàìdhlig a bhruidhinn, no leughadh no sgrìobhadh.
  • `S ann an roinnean Comhairle na Gàidhealtachd, nan Eilean Siar agus Baile Mòr Ghlaschu a bha na h-àireamhan a bu mhotha de dhaoine le ìre air choireigin de chomasan cànain ann an Gàidhlig, le na roinnean Comhairle sin a’ gabhail a-staigh cha mhòr leth de dhaoine gu nàiseanta a thuirt gu robh sgilean aca an Gàidhlig gu ìre air choireigin.
  • Bha an tomhas a bu mhotha de dhaoine aig aois 3 agus nas sinne aig an robh na h-uimhir de sgilean ann an Gàidhlig ann an roinn Chomhairle nan Eilean Siar (61 anns a’ cheud), Roinn na Gàidhealtachd (7 anns a’ cheud) agus Earra-Ghàidheal is Bhòid (6 anns a’ cheud).  Bha an tomhas aig 1.7 anns a’ cheud ann am Baile Ghlaschu, aig an aon ìre ris an tomhas chuibheasach nàiseanta.
  • Le  50 anns a’ cheud, bha an tomhas a bu mhotha anns na h-Eileanan Siar (dhen t-sluagh gu lèir le sgilean cànain an Gàidhlig) de dhaoine a b’urrainn Gàidhlig a thuigsinn, a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh.
  • Eadar 2001 agus 2001 bha lùghdachadh anns an tomhas de dhaoine a b’urrainn Gàidhlig a bhruidhinn anns gach raon-aois anns an t-sluagh aig aois 18 no nas sinne. Mar eisimpleir, am measg dhaoine nas sinne na 65, bha an tomhas a’ cromadh bho 1.8 anns a’ cheud ann an 2001 gu 1.5 anns a’ cheud ann an 2011. An aghaidh sin, tha an tomhas de dhaoine a b’urrainn Gàidhlig a bhruidhinn air a dhol an àird beagan  anns na raointean-aois as òige; bho 0.53 anns a’ cheud gu 0.70 anns a’ cheud aig aois 3-4; bho 0.91 anns a’ cheud gu 1.13 aig aois 5-11; agus bho 1.04 anns a’ cheud gu 1.10 anns a’ cheud aig aois 12-17.
  • Bha suas ri 41 anns a’ cheud de chloinn a tha a’ bruidhinn Gàidhlig eadar 5 is 11 bliadhna a dh’aois a’ fuireach an dachaigh far an robh sgilean cànain air choiregin aig na h-inbhich gu lèir, bha 23 anns gach ceud a’ fuireach ann an dachaigh far an robh sgilean Gàidhlig air choiregin aig cuid de na h-inbhich (ach cha robh aca air fad) agus bha 36 anns a’ cheud a’ fuireach ann an dachaigh far nach robh sgil cànain sam bith aig na h-inbhich ann an Gàidhlig.
  • Gu nàiseanta, thuirt 25,000 neach aig aois 3 no nas sinne (0.49  anns a’ cheud dhen mhòr-shluagh gu lèir)  gu robhas a’ cleachdadh na Gàidhlig anns an dachaigh.
  • Dhen fheadhainn a bha a’ bruidhinn Gàidhlig, thuirt 40 anns a’ cheud gu robh iad a’ cleachdadh na Gàidhlig anns an dachaigh.  `S e na tomhaisean 74 anns a’ cheud anns na h-Eileanan Siar, 41 anns a’ cheud ann an Roinn na Gàidhealtachd, 33 anns a’ cheud ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid agus 24 anns a’ cheud anns na 29 roinnean Comhairle eile gu h-iomlan.
  • Dhen chloinn eadar aoisean 5 agus 11 a bha a’ cleachdadh na Gàidhlig anns an dachaigh, bha 61 anns a’ cheud a’ fuireach ann an dachaigh far an robh ìre air choireigin de sgilean cànain Gàidhlig aig na h-inbhich gu lèir, bha 27 anns a’ cheud a’ fuireach ann an dachaigh far an robh ìre de sgilean Gàidhlig aig cuid de na h-inbhich (ach cha robh aca gu h-iomlan)  agus bha 12 anns a’ cheud a’ fuireach  ann an dachaigh far nach robh ìre sam bith  de sgilean Gàidhlig aig inbhich sam bith.

Tuilleadh fiosrachaidh

Tha an dàta gu lèir a tha an co-cheangal ris an aithisg seo ri fhaotainn air làrach-lìn Cunntas-Sluaigh na h-Alba.

Tha leth-bhreac dhen aithisg seo ga deisealachadh ann an Gàidhlig agus thèid a foillseachadh cho luath sa ghabhas.

Thèid aithris air cùl-fhiosrachadh nan clàr a tha an co-cheangal ris an aithisg, leithid aig ìrean roinnean Comhairle agus bannan pharaistean catharra, fhoillseachadh anns an Dàmhair, mar Earran 2 dhen aithisg seo.

An English version of this new release is available on this website.

Tags: